30/04/2010

Bùthan-obrach dealbhaidh Dhùn Èideann – Seachdain 1

Tha barrachd is barrachd a’ dèanamh dealbhan fhad’s a tha Air Iomlaid a’ ruith air adhart! Tha seachdain de bhùthan-obrach bun-sgoile a’ leantainn seisean trèanaidh air leth math dha luchd-teagaisg a chaidh air adhart ann an co-bhonn leis an Iomairt airson Dealbhaidh. Thadhal sgoilearan bho Craigmillar, Portobello, An Apainn, Wardie, Muile, Glaschu agus Lìt air an taisbeanadh agus, air am brosnachadh le obair na cloinne, tha iad a’ togail orra gus a bhith a’ dèanamh dealbhan a-muigh air feadh Dhùn Èideann: Chaidh deagh obair air adhart!
Diluain 26 - Dihaoine 30 Giblean 2010

09/04/2010

Tha an taisbeanadh fosgailte!

Mu dheireadh an dèidh fad bliadhna de dh’ obair, tha obair-ealain na cloinne ga thaisbeanadh agus tha e a’ coimhead sgoinneil! Bha deagh fhosgladh againn le teaghlaichean an làthair à Dùn Èideann agus às an t-Eilean Sgìtheanach, a bharrachd air muinntir na coimhearsnachd. Chomharraich sinn euchd na cloinne le cèilidh, agus an ath latha thug cuid de na sgoilearan iomradh air an cuid obrach.

Tha e a’ còrdadh gu mòr le muinntir na coimhearsnachd! Is math a rinn sibh, a h-uile duine!