10/12/2010

Taisbeanadh aig Prìomh Oifis Dualchas Nàdair na h-Alba

Tha Air Iomlaid a-nis aig prìomh oifis Dualchas Nàdair na h-Alba, agus chaidh e a chur an àirde fhad sa bha stoirm-sneachda a’ dol air adhart! Chuir SNH pàirt den taic-airgid dhan phròiseact, agus tha e math dha-rìribh gu bheil e a’ tilleadh dhan seòmar-fàilte far am faic luchd-obrach agus luchd-tadhail mar a fhreagair a’ chlann an dà chuid don àrainneachd iomallach agus bhailteil…Bidh an obair ealain air a thaisbeanadh gus Giblean 2011.

05/06/2010

An taisbeanadh, Air Iomlaid, a' ruigsinn an Eilein Sgitheanaich!

Chaidh an taisbeanadh gu tuath fad seachdain de shìde àlainn aig dà làraich ann an Sabhal
Mòr Ostaig - anns a' phrìomh thogalach, Àrainn Chaluim Chille, agus ann an stiùdio an Àrainn
Ostaig. Tha an taisbeanadh a' cur car mìorbhaileach den àite fhàilteachaidh ach tha
an taisbeanadh san stiùdio stèidhichte ann an àite nas sìtheil, socair. Bidh cèilidh ann an
dèidh fosgladh soirbheachail, agus nì sinn fiughair ri faicinn mar a thèid leis an
taisbeanadh san Eilean Sgitheanach!

30/04/2010

Bùthan-obrach dealbhaidh Dhùn Èideann – Seachdain 1

Tha barrachd is barrachd a’ dèanamh dealbhan fhad’s a tha Air Iomlaid a’ ruith air adhart! Tha seachdain de bhùthan-obrach bun-sgoile a’ leantainn seisean trèanaidh air leth math dha luchd-teagaisg a chaidh air adhart ann an co-bhonn leis an Iomairt airson Dealbhaidh. Thadhal sgoilearan bho Craigmillar, Portobello, An Apainn, Wardie, Muile, Glaschu agus Lìt air an taisbeanadh agus, air am brosnachadh le obair na cloinne, tha iad a’ togail orra gus a bhith a’ dèanamh dealbhan a-muigh air feadh Dhùn Èideann: Chaidh deagh obair air adhart!
Diluain 26 - Dihaoine 30 Giblean 2010

09/04/2010

Tha an taisbeanadh fosgailte!

Mu dheireadh an dèidh fad bliadhna de dh’ obair, tha obair-ealain na cloinne ga thaisbeanadh agus tha e a’ coimhead sgoinneil! Bha deagh fhosgladh againn le teaghlaichean an làthair à Dùn Èideann agus às an t-Eilean Sgìtheanach, a bharrachd air muinntir na coimhearsnachd. Chomharraich sinn euchd na cloinne le cèilidh, agus an ath latha thug cuid de na sgoilearan iomradh air an cuid obrach.

Tha e a’ còrdadh gu mòr le muinntir na coimhearsnachd! Is math a rinn sibh, a h-uile duine!

28/02/2010

Dealbhan Beo

Bìdh a’ chlann anns gach cuid an Eilean Sgìtheanach agus an Dùn Èideann a’ toirt na sgilean dealbhaidh is peantaidh aca beò le bhith a’ cleachdadh beothachadh! Gearran 2010

01/02/2010

Clann an t-Eilean Sgitheanach a’dèanamh dealbh Dùn Eideann

Clann an Eilein Sgìtheanaich ag obair còmhla a’ nochdadh na h-iomlaid aca ann am peant, 1 – 5 Gearran

29/01/2010

Clann Dhùn Eideann a’ dèanamh dealbh an t-Eileann Sgitheanach

Clann Dhùn Èideann ag obair còmhla a’ nochdadh na h-iomlaid aca ann am peant, 25 - 29 Faoilleach.